Dh'èirich Mi Moch, b' Fheàrr Nach Do Dh'èirich

Dh'èirich mi moch
Dh'èirich mi moch
'S b'fheàrr nach d' dh'èirich
Mo chreach lèir na chuir a-mach mi

Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

Bha ceò sa bheinn
Bha ceò sa bheinn
'S uisge frasach
'S thachair orms' a' ghruagach thlachdmhor

Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

Bheir mi dhut fìon
Bheir mi dhut fìon
'S gach nì a b' ait leat
Ach nach èirinn leat sa mhadainn

Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

'Nighean nan gamhna
'Nighean nan gamhn'
Bha mi ma' riut
Anns a' chrò is càch nan cadal

Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

An daoidh gheal donn
An daoidh gheal donn
Rug i mac dhomh
Ged is fuar a rinn i altram

Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

Bha laogh mo laoidh
Bha laogh mo laoidh
Ri taobh cnocan
Gun teine, gun sgàth, gun fhasgadh

Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

A Mhòr, a ghaoil
A Mhòr, a ghaoil
Till ri d' mhacan
'S bheir mi goidean brèagha breac dhut

Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

Hill ò bha hò
Hill ò bha hò



Credits
Writer(s): Trad, Donald Patrick Shaw, Julie Mairi Fowlis
Lyrics powered by www.musixmatch.com

Link