Tha Mo Ghaol Air Àird a' Chuain
Feasgar ciùin an tùs a' Chèitein
Nuair bha 'n ialtag anns na speuran
Chualaim rìbhinn òg 's i deurach
'Seinn fo sgàil nan geugan uain'
Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh
'S reult cha d' èirich anns an iarmailt
Nuair a sheinn an òigh gu cianai
"Tha mo ghaol air àird a' chuain"
Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling
'S lùb am braon gu caoin na flùrain
Shèid a' ghaoth 'na h-oiteig chùbhraidh
Beatha 's ùrachd do gach cluan
Ghleus an nighneag fonn a h-òrain
Sèimh is ciùin mar dhriùchd an Òg-mhìos
'S bha an t-sèisd seo 'g èirigh 'n còmhnaidh
"Tha mo ghaol air àird a' chuain"
Chiar an latha is dheàrrs' na reultan
Sheòl an rè measg neul nan speuran
Shuidh an òigh, bha 'bròn 'ga lèireadh
'S cha robh dèigh air tàmh no suain
Theann mi faisg air reult nan òg-bhean
Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh
O bu bhinn a caoidhrean brònach
"Tha mo ghaol air àird a' chuain"
Rinn an ceòl le deòin mo thàladh
Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul
'S i ag ùrnaigh ris an Àrd-Rìgh
"Dìon mo ghràdh 'th' air àird a' chuain"
Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh
Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i
"Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt
Thill mi slàn bhàrr àird a' chuain"
Nuair bha 'n ialtag anns na speuran
Chualaim rìbhinn òg 's i deurach
'Seinn fo sgàil nan geugan uain'
Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh
'S reult cha d' èirich anns an iarmailt
Nuair a sheinn an òigh gu cianai
"Tha mo ghaol air àird a' chuain"
Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling
'S lùb am braon gu caoin na flùrain
Shèid a' ghaoth 'na h-oiteig chùbhraidh
Beatha 's ùrachd do gach cluan
Ghleus an nighneag fonn a h-òrain
Sèimh is ciùin mar dhriùchd an Òg-mhìos
'S bha an t-sèisd seo 'g èirigh 'n còmhnaidh
"Tha mo ghaol air àird a' chuain"
Chiar an latha is dheàrrs' na reultan
Sheòl an rè measg neul nan speuran
Shuidh an òigh, bha 'bròn 'ga lèireadh
'S cha robh dèigh air tàmh no suain
Theann mi faisg air reult nan òg-bhean
Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh
O bu bhinn a caoidhrean brònach
"Tha mo ghaol air àird a' chuain"
Rinn an ceòl le deòin mo thàladh
Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul
'S i ag ùrnaigh ris an Àrd-Rìgh
"Dìon mo ghràdh 'th' air àird a' chuain"
Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh
Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i
"Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt
Thill mi slàn bhàrr àird a' chuain"
Credits
Writer(s): Kris John Robert Drever, Iain Macdonald, Julie Mairi Fowlis
Lyrics powered by www.musixmatch.com
Link
Other Album Tracks
- Òganaich Uir a Rinn M' Fhàgail
- Tha Mo Ghaol Air Àird a' Chuain
- Biodh an Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin
- Jigs & Reels: The Thornton Jig / Chloes Passion / Are You Ready Yet? / Rogha an Ghabha
- Tha Caolas Eadar Mi s Iain
- Ged a Sheòl Mi Air M' Aineol
- Reels: John O'Groats House / Traditional Irish Reel / The Ladies Pantalettes
- Mo Bhean Chomain
- Puirt: Siud Mar Chaidh an Càl a Dholaidh / Nam Biodh Agam Giobal Bodaich / Gobha Bh' Ann a Hogha Gearraidh
- A Mhaighdeannan's a Mhnathan Òg
Altri album
© 2024 All rights reserved. Rockol.com S.r.l. Website image policy
Rockol
- Rockol only uses images and photos made available for promotional purposes (“for press use”) by record companies, artist managements and p.r. agencies.
- Said images are used to exert a right to report and a finality of the criticism, in a degraded mode compliant to copyright laws, and exclusively inclosed in our own informative content.
- Only non-exclusive images addressed to newspaper use and, in general, copyright-free are accepted.
- Live photos are published when licensed by photographers whose copyright is quoted.
- Rockol is available to pay the right holder a fair fee should a published image’s author be unknown at the time of publishing.
Feedback
Please immediately report the presence of images possibly not compliant with the above cases so as to quickly verify an improper use: where confirmed, we would immediately proceed to their removal.