Bothan Àirigh Am Bràigh Raithneach (A Sheiling On the Braes of Rannoch)

Gur e m' anam is m' eudail
Chaidh an-dè do Gleann Garadh
Fear na gruaig' mar an t-or
Is na pòig air bhlas meala

O hi ò o hu ò
O hi ò o hu ò
Hi rì ri ò hu eile
O hì ri ri ò gheallaibh ò

'S tu as fheàrr don tig deise
De na sheasadh air thalamh
'S tu as fheàrr don tig culaidh
De na chunna mi dh'fhearaibh

O hi ò o hu ò
O hi ò o hu ò
Hi rì ri ò hu eile
O hì ri ri ò gheallaibh ò

'S tu as fheàrr don tig osan
Is bròg shocrach nam barrall
Còta Lunnainneach dubh-ghorm
Is bidh na crùintean ga cheannach

O hi ò o hu ò (O hi ò o hu ò)
O hi ò o hu ò (O hi ò o hu ò)
Hi rì ri ò hu eile
O hì ri ri ò gheallaibh ò (O hì ri ri ò gheallaibh ò)

Nuair a ruigeadh tu 'n fhèill
Is e mo ghèar-sa a thig dhachaigh
Mo chriosan is mo chire
'S mo stìomag chaol cheangail

O hi ò o hu ò (O hi ò o hu ò)
O hi ò o hu ò (O hi ò o hu ò)
Hi rì ri ò hu eile (Hi rì ri ò hu eile)
O hì ri ri ò gheallaibh ò (O hì ri ri ò gheallaibh ò)

Thig mo chrios à Dùn Èideann
'S mo bhrèid à Dùn Chailleann
Gheibh sinn crodh as a' Mhaorainn
Agus caoraich à Gallaibh

O hi ò o hu ò
O hi ò o hu ò
Hi rì ri ò hu eile
O hì ri ri ò gheallaibh ò

'S ann a bhios sinn gan àrach
Air àirigh am Bràigh Raithneach
Ann am bothan an t-sùgraidh
'S gur e bu dùnadh dha barrach

O hi ò o hu ò (O hi ò o hu ò)
O hi ò o hu ò (O hi ò o hu ò)
Hi rì ri ò hu eile (Hi rì ri ò hu eile)
O hì ri ri ò gheallaibh ò (O hì ri ri ò gheallaibh ò)

Bhiodh a' chuthag 's a' smùdan
A' gabhail ciùil duinn' air chrannaibh
Bhiodh an damh donn 's a bhùireadh
B' ar dùsgadh sa mhadainn

O hi ò o hu ò (O hi ò o hu ò)
O hi ò o hu ò (O hi ò o hu ò)
Hi rì ri ò hu eile (Hi rì ri ò hu eile)
O hì ri ri ò gheallaibh ò (O hì ri ri ò gheallaibh ò)

O hi ò o hu ò (O hi ò o hu ò)
O hi ò o hu ò (O hi ò o hu ò)
Hi rì ri ò hu eile (Hi rì ri ò hu eile)
O hì ri ri ò gheallaibh ò (O hì ri ri ò gheallaibh ò)



Credits
Writer(s): Trad, Philip Martin Cunningham, Julie Mairi Fowlis
Lyrics powered by www.musixmatch.com

Link