Tha Mo Run air a'Ghille (I Love That Lad)

Oidhche Shamhna dhomh 's mi m' ònar
Smaointich mi gun dianainn òran
'S truagh a Rìgh nach mi bha pòsd'
Ri òigear a' chùil dualaich

Gur a h-e mo ghaol an t-òigear
Fear a' chùil duinn 's a' leadain bhòidhich
'S mi gu siubhladh leat far m' eòlais
Ged tha 'n còta ruadh ort

Chuir thu falt mo chinn gu talamh
Chuir thu mo ghruaidh dhearg an tainead
'S truagh nach robh mise 's an anart
Mun deachaidh mo luaidh riut

Tha mi nochd a' dol a laighidh
'S cinnteach leam gum faic mi aisling
Thu bhi sìnte ann 'am leabaidh
Tacan air a' chluasaig

Tha mo rùn air a' ghille
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann

Oidhche Shamhna dhomh 's mi m' ònar
Smaointich mi gun dianainn òran
'S truagh a Rìgh nach mi bha pòsd'
Ri òigear a' chùil dualaich

Tha mo rùn air a' ghille
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann

Gur a h-e mo ghaol an t-òigear
Fear a' chùil duinn 's a' leadain bhòidhich
'S mi gu siubhladh leat thar m' eòlais
Ged tha 'n còta ruadh ort

Tha mo rùn air a' ghille
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann

Chuir thu falt mo chinn gu talamh
Chuir thu mo ghruaidh dhearg an tainead
'S truagh nach mi bha 's an anart
Mun deachaidh mo luaidh riut

Tha mo rùn air a' ghille
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann

Ged tha blàth na bric' air d' aodann
Cha do lughdaich siud mo ghaol ort
'S mi gu siubhladh leat an saoghal
Nan saoilinn do bhuannachd

Tha mo rùn air a' ghille
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann

Phòsainn thu dh'ain-deòin mo chàirdean
Gun toil m' athar, no mo mhàthar
Eachann saor a tha mi 'g ràitinn
Bhon 's e chnàmh a' ghruag dhiom

Tha mo rùn air a' ghille
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann

Tha mi nochd a' dol a laighidh
Cinnteach leam gum faic mi aisling
Thu bhi sìnte ann 'am leabaidh
Tacan air a' chluasaig

Tha mo rùn air a' ghille
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann

(Tha mo rùn air a' ghille
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann)

Tha mo rùn air a' ghille
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann
Tha mo rùn air a' ghille
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann



Credits
Writer(s): Traditional
Lyrics powered by www.musixmatch.com

Link