Smeorach Chlann Domhnaill (The Mavis of Clan Donald)

Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Hoilibheag hilibheag hò-rò ì
Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì

Smeòrach mis' air ùrlar Phaibil
Crùbadh ann an dùsal cadail
Gun deòrachd a thèid na 's fhaide
Truimid mo bhròn, thòirleum m' aigne

Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Hoilibheag hilibheag hò-rò ì
Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì

Smeòrach mis' air mullach beinne
'G amharc grèin' is speuran soilleir
Thig mi stòlda chòir na coille -
Bidh mi beò air treòdas eile

Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Hoilibheag hilibheag hò-rò ì
Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì

Ma mholas gach eun a thìr fèin
Cuim thar èis nach moladh mise
Tìr nan curaidh, tìr nan cliar
An tìr bhiadhchar, fhialaidh mhiosail?

Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Hoilibheag hilibheag hò-rò ì
Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì

'N tìr nach caol ri cois na mara
An tìr ghaolach, chaomhnach, channach
An tìr laoghach, uanach, mheannach
Tìr an arain, bhainneach, mhealach

Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Hoilibheag hilibheag hò-rò ì
Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì

An Cladh Chomhghain mise rugadh
'N Àird an Rùnair fhuair mi togail
Fradharc a' chuain uaibhrich chuislich
Nan stuagh guanach cluaineach cluiceach

Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Hoilibheag hilibheag hò-rò ì
Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì

Measg Chlann Dòmhnaill fhuair mi m' altrum -
Buidheann nan seòl 's nan sròl daithte
Nan long luath air chuantaibh farsaing
Aiteam nach ciùin rùsgadh ghlas-lann

Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Hoilibheag hilibheag hò-rò ì
Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì (Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò)
Hoilibheag hilibheag hò-rò ì
Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì



Credits
Writer(s): Trad, Julie Mairi Fowlis, Edward Francis Doorley
Lyrics powered by www.musixmatch.com

Link