Siol Ghoraidh

Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich fhèin
Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich fhèin

Ochd deug seisreach
Air raontainn Àird a' Mhorain
Na fir a' treabhadh
An là a thàinig na Sleitich

Siol Ghoraidh
Mac Ruairidh
Clann Raghnaill
Clann Dhòmhaill

Linn gu linn
Bho ainm gu ainm
Air an sgiath seo dh' Uibhist
'S mi beò an dràsd

Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich fhèin
Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich fhèin

Dubh dath na fala
A dhòirt 'na tuil gu talamh
Saighead, claidheamh
Tro chàirdeas corp an Udail

Siol Ghoraidh
Mac Ruairidh
Clann Raghnaill
Clann Dhòmhaill

Linn gu linn
Bho ainm gu ainm
Air an sgiath seo dh' Uibhist
'S mi beò an dràsd

Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich fhèin
Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich fhèin

Linn gu linn
Bho ainm gu ainm
Air an sgiath seo dh' Uibhist
'S mi beò an dràsd



Credits
Writer(s): Calum Macdonald, Rory Macdonald
Lyrics powered by www.musixmatch.com

Link