Oran do Ghille a Chaidh a Bhathadh (On The Drowning of a Young M

'S ann aig Port an Taigh-ghàrraidh
Thog a shiùil ris a' bhàta
Cha b' i 'n stiùir a rinn d' fhàgail
Ach gun do dh'fhàill'nich na bùird

Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù
Air fàil irìnn ì rirìnn é ho rò é ho
Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù

'S ann shìos aig Sgeir Chailleach
Tha mo ghaol-sa 'na laighidh
Fo faoileig na maradh
'S fo ghleannan nan stuadh

Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù
Air fàil irìnn ì rirìnn é ho rò é ho
Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù

'S mór am beud do chùl clannach
Bhi 'ga reubadh 's an fheamainn
Gun chiste, gun anart
Ach gainneamh a' ghruinnd

Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù
Air fàil irìnn ì rirìnn é ho rò é ho
Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù

'S cha truagh leam do phiuthar
Ged a tha i feadh dubhach
Théid is' ann an cuideachd
Théid a mulad air chùl

Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù
Air fàil irìnn ì rirìnn é ho rò é ho
Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù

Ach 's truagh leam do mhàthair
'S i shaothraich air d' àrach
'S cha d'fhuair i dhe d' fhàbhar
A bhi 'gad chàradh 's an t-ùir

Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù
Air fàil irìnn ì rirìnn é ho rò é ho
Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù

Fhir nan camagan donna
Uchd ghil 's a' bhroillich shoilleir
'S mis' a rachadh 'ad choinnimh
Cha bu choma leam thu

Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù
Air fàil irìnn ì rirìnn é ho rò é ho
Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù

'S mi dìreadh 's a' teàrnadh
Nam bruaichean àrda
Chì mi 'tighinn am bàta
Gun mo ghràdh air a stiùir

Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù
Air fàil irìnn ì rirìnn é ho rò é ho
Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù

'S mi 'dìreadh a' bhealaich
'S trom mo cheum 's mi air m' aineol
Ma bha sùgradh air m' aire
Chaidh e tamull air chùl

Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù
Air fàil irìnn ì rirìnn é ho rò é ho
Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù

Nuair a thruiseas na gillean
A sheinneas an fhìdheall
Ciamar a thogas ma chridhe
Gun thu 'tighinn, a rùin

Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù
Air fàil irìnn ì rirìnn é ho rò é ho
Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù

Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù
Air fàil irìnn ì rirìnn é ho rò é ho
Air fàil irìnn ì rirìnn oich a rìnn ù
Woohoo



Credits
Writer(s): Traditional
Lyrics powered by www.musixmatch.com

Link