Mo Ghruagach Dhonn

Hi ho ro, mo ghruagach dhonn
'S ann ort fhèin a dh'fhàs an loinn
Dh'fhàg siud acaid na mo chom
An gaol cho trom 's a ghabh mi ort

Fhuair mi do litir Dimàirt
Dh'innseadh dhòmhsa mar a bha
Gu robh thu a' tighinn gun dàil
A-mach air bàta Ghlaschu

'S nuair a leugh mi mar a bha
Ghabh mi sìos am "Broomielaw"
'S chunnaic mi a' tighinn am bàt'
'S an t‑àilleagan, an ainnir, innt'

Nuair a shìn mi mach mo làmh
Thionndaidh thu le fiamh a' ghàir'
'S labhair thu facal no dhà
Dh'fhàg iomadh tràth gun chadal mi

'S ann ort fhèin tha ghruag a' fàs ‑
Cha dubh 's cha ruadh is cha bhàn
Ach mar an t-òr as àille snuadh
Gu buidhe, dualach, camalagach

Dhèanainn sgrìobhadh dhut le peannt
'S i dhèanainn treabhadh dhut le crann
'S i dhèanainn sgiobair dhut air luing
Air nighean donn nam meall-shùilean

Meòir is grinn thu air an t-snàth
No chuir peannt air pàipear bàn
Ach ma chaidh thu null thar sàil
Dh' Astràilia, mo bheannachd leat

Cha bhi mi tuilleadh fo leòn
Glacaidh mi tè ùr air spòig ‑
Solamh bu ghlice bha beò
Bha aige mòran leannanan

Hi ho ro, mo ghruagach dhonn
'S ann ort fèin a dh'fhàs an loinn
Dh'fhàg siud acaid na mo chom
An gaol cho trom 's a ghabh mi ort



Credits
Writer(s): Trad, Julie Mairi Fowlis, Edward Francis Doorley, John Matthew Doyle
Lyrics powered by www.musixmatch.com

Link