Mo Dhòmhnallan Fhèin

Nuair chruinnicheas an òigridh
Gu mire 's gu sòlas
Bidh mise nam ònar
An seòmar gun ghleus
A' cuimhneachadh a chòmhraidh
A' fhleasgaich a leòn mi
'S an gaol a' thug mi òg
Do mo Dhòmhnallan fhèin

Bidh m' athair 's mo mhàthair
Ri gearain 's ri cnàmhan
A' cantainn nach fheàrr mi
Na pàiste gun chèill
Mo ghaol thoirt a dh'òigfhear
Bhios daonnan a' seòladh
'S a sgaoileas a stòras
Gun ghò ris gach tè

Nuair thachradh an còmhlan
Sa chlachan Didòmhnaich
Nam measg cha robh òigfhear
Cho còmhnard na cheum
Cho beusail na chòmhradh
'S cho fearail na dhòighean
Bhiodh sùil aig gach òigh
Air mo Dhòmhnallan fhèin

Tha dualagan bòidheach
Dhed chuailean nam phòca
Do dhealbh air a chòmhdach
Le òr ann an cèis
Do shùilean cho beò leam
Do ghruaidh mar na ròsan
Ag ùrachadh dhòmhsa
Mo Dhòmhnallan fhèin

Tha bliadhn' agus còrr
Bhon a thriall e o eòlas
'S tha ìomhaigh cho beò leam
'S ged sheòladh e 'n-dè
Cha ghèill mi do dh'òigfhear
'S cha chèill mi na bòidean
No 'n gaol a thug mi òg
Do mo Dhòmhnallan fhèin



Credits
Writer(s): Mark Joseph Kelly, Julie Mairi Fowlis, Edward Francis Doorley
Lyrics powered by www.musixmatch.com

Link