'Ille Dhuinn, 'S Toigh Leam Thu

'Ille dhuinn, 's toigh leam thu
'S toigh leam fhìn thu, laochain
Mas toigh leat mi, is toigh leam thu
'S gur òg a thug mi gaol dhut

Dh'fhalbh mi mar a b' àbhaist dhomh
Air sàillibh coimhead chaorach
'S beag a bha dhem fhor orra
'S mo leannan air a' chaolas

Nuair dhìrich mi suas Criongrabhal
'S e m' inntinn nach robh aotrom
Bha 'm bàta mach gu Saighdeanais
'S i toidhdidh fo cuid aodaich

'S ann a their mo phàrantan
Gur tàmailt leotha m' fhaoineas
Gum faighinn fear na b' fheàrr na thu
Le bàtaichean 's le birlinn

Ged gheibhinn fear na b' fheàrr na thu
Le bàtaichean 's le birlinn
B' fheàrr leam fhìn an gille donn
Is e gun bhonn dhen t-saoghal

Ged gheall mi dhut gun leanainn thu
'S gun dealaichinn ri mo dhaoine
Cha d' rachainn dha Na Hearadh leat
Air cheannachd air an t-saoghal

Is ged a bhithinn pòsta riut
Is còir agam air d' fhaotainn
Cha b' fhada bhithinn beò agad
'S an Dòmhnallach às m' aonais

'Ille dhuinn, 's toigh leam thu
'S toigh leam fhìn thu, laochain
Mas toigh leat mi, is toigh leam thu
'S gur òg a thug mi gaol dhut



Credits
Writer(s): Trad, Donald Patrick Shaw, Julie Mairi Fowlis, Margaret Mac-donald
Lyrics powered by www.musixmatch.com

Link