An T-Aparan Goirid 's an T-Aparan Ùr: Òran Do Sheasaidh Bhaile Raghnaill

An t-aparan goirid
'S an t-aparan ùr
'N t-aparan coimhid
Nach ruig ach a' ghlùin
'S nuair bha mi òg
'S mi furast' rim lùb'
'S e dh'fhàg mi fo leòn
Ach an t-aparan ùr

Bha cliù ort, a Sheasaidh
'S tu 'n ainnir bha suairc
A chumadh rid ghealladh
'S a leanaid rid luaidh
'S ann unnad bha spiorad
'S tu 'chinneadh nam buadh
Nach gabhadh an giorag
'S nach tilleadh ron chuan

An t-aparan goirid
'S an t-aparan ùr
'N t-aparan coimhid
Nach ruig ach a' ghlùin
'S nuair bha mi òg
'S mi furast' rim lùb'
'S e dh'fhàg mi fo leòn
Ach an t-aparan ùr

'S ann ort a bha 'm biùthas
San dùthaich a bh' ann
Cha ghabhadh thu Cooper
Cha bùidh leat a chainnt
'S ann bha thu nad bhiùtaidh
'S tu 'm flùr gun mheang
'S am faighinn mo dhùrachd
Bhiodh diùc leat air a làimh

An t-aparan goirid
'S an t-aparan ùr
'N t-aparan coimhid
Nach ruig ach a' ghlùin
'S nuair bha mi òg
'S mi furast' rim lùb'
'S e dh'fhàg mi fo leòn
Ach an t-aparan ùr

Nuair fhuair an Eliza
Miss Jessie air bòrd
'S ann oirre bha sgoinn
'S iad a' hoidhseadh nan seòl
Bha muir air gach taobh dhith
A' sgaoileadh mu bòrd
'S bha h-aigne cho aotrom
Ri faoileag air a lòn

Bha seòrsa duine aca
Amach air a' "watch"
A' geàrd a' bhaile
'S na thigeadh mun cuairt
Ach cheangailear a chasan
'S a làmhan gu cruaidh
'S mun 's d' ràinig a' mhadainn
Chaidh a ragadh le fuachd

An t-aparan goirid
'S an t-aparan ùr
'N t-aparan coimhid
Nach ruig ach a' ghlùin
'S nuair bha mi òg
'S mi furast' rim lùb'
'S e dh'fhàg mi fo leòn
Ach an t-aparan ùr

Dh'fhàg thu do mhàthair
Is d' athair fo leòn
Nach d' rinn iad dhut banais
Le aighear 's le ceòl
Ach tillidh tu fhathast
Do dh'Uibhist an eòrn'
'S bidh siùcar an glainne
'S todaidh ga òl!

An t-aparan goirid
'S an t-aparan ùr
'N t-aparan coimhid
Nach ruig ach a' ghlùin
Nuair bha mi òg
'S mi furast' rim lùb'
'S e dh'fhàg mi fo leòn
Ach an t-aparan ùr



Credits
Writer(s): Traditional
Lyrics powered by www.musixmatch.com

Link